SS Great Britain

SS Great Britain

Chuireadh an SS Great Britain air bhog aig Bristol ann an 1845. B’ ise an dàra tè de na trì luing mhòir a dhealbh an t-innleadair ainmeil Isambard Kingdom Brunel. B’ innte a chiad long-chuain a chaidh air togail le slige iarainn agus a chiad long-chuain a bhi iomanaichte le bidhis, ged ’s a bha làn seòil orra cuideachd.

Tha a slige 274 troighean anns an fhàd 'us bha i uidheamaichte le innealan fiarachd a dhealbh Brunel fhèin. Aig an àm cha ghabhadh e dhèanamh a thogail inneal-stoith le comas a thionndaich luath gu leòr a dh’ioman bidhis-uisge gu dìreach, airson an aobhar sin, dh’iomain na h-innlean fearsaid na bidhis tro bheart de rothan-fhiacalachd le riochd-bheairt 1:3. (1 car a-staigh: 3 car a-mach). Bha i grunnan bliadhna air an triall ri Astràilia agus nuair a bha a latha seachad anns a’ mhalairt siud, chaidh a chleachdadh mar slige gual aig Port Stanley anns na h-Eileanan Mailbheana. Mu dheireadh chaidh i air tìr an siud, far an do laighe i air a’ chladach gu 1976, nuair a chaidh a toirt dhachaidh ri Bristol. Chaidh a ath-uidheamachadh a bhi na long-taisbeanaidh, mar a tha i chun latha an diugh (2008).


© MMXXIII Rich X Search. We shall prevail. All rights reserved. Rich X Search